|
Article on other languages:
|
’S e eòlas air làimhseachadh àireamhan a th’ ann an àireamhachd. Faodar àireamhan an cur ri chèile, an dealachadh, an iomadachadh agus an roinneadh agus tha comas-tuigse agus comas-cleachdaidh nan obrachaidhean seo èiseil dhuinn anns an t-saoghal mhòr. ’S e na h-àireamhan sìmplidh a tha air an cleachdadh airson cunntaidh. ’S e seo na h-àireamhan 1, 2, 3, 4, agus mar sin air adhart, ris an canar na h-àireamhan nàdarra ann am matamataig. Ach le bhith gan cur ri chèile agus gan dealachadh tha feumalachd àireamhan ùra – neoni agus na h-àireamhan àicheil – a’ tighinn mar coinneamh agus a’ leudachadh air ar tuigse àireamhan. Còmhla ris na h-àireamhan nàdarra, tha neoni agus na h-àireamhan àicheil a’ dèanamh suas àlach nan slàn-àireamhan. Tha roinneadh a’ toirt a-steach bun-bheachd nam bloighean agus an tuigse gum faod luach a bhith air àireimh eadar dà shlàn-àireimh. Mar eisimpleir, eadar a trì agus a ceithir tha 3.25, 3.617, 3.001 agus uiread de luachan gun chrìoch, agus gabhaidh àireamhan am meas mar gum biodh sreath leantainneach dhiubh. Uaireannan, tha seo air a riochdachadh le loidhne àireamh. Tha na slàn-àireamhan air an riochdachadh air an loidhne le puingean aig beàrnan cunbhalach, agus àireamh sam bith eile le puing aig àite sam bith air an loidhne. ’S e fìor-àireamh a chanar ri àireimh air am biodh luach sam bith.
Cur-ris (+)’S e cur-ris bun-obrachadh na h-àireamhachd far an cuirear àireamh ri àireimh eile airson suim a dhèanamh. ’S e obrachadh eadar dà àireimh, ach ’s urrainnear grunnan àireamh a chur ri chèile ma chuirear an treas àireamh ri suim a’ chiad dà, an ceathramh ri suim a trì, agus mar sin air adhart. Tha dà fheart chudromach aig cur-ris. Cha tèid an t-suim a-rèir:
Toirt air falbh (−)’S e toirt air falbh an t-obrachadh mùiteach ri cur-ris. Far a bheil dà àireimh air an cur ri chèile agus suim a dhèanamh, tha toirt air falbh a’ dealachadh àireimh bhon t-suim. ’S e a’ bhuil aice an diofar eadar dà àireimh. Mar eisimpleir:
Ma bheirear àireamh air falbh bho àireamh nas lugha, ’s e àireamh àicheil a tha anns a’ bhuil:
Ann an cunntasachd, thathar a’ dèanamh mìneachadh air àireimh àicheil mar suim air a ghabhail air iasad gu bhith ag ath-dhìoladh. Tha e soilleir nach eil toirt air falbh a’ cumail ris an Lagh Co-iomlaideach no an Lagh Co-thiomsach. Tha a’ bhuil aice an urra ris òrdugh nan àireamhan:
agus òrdugh an dealachaidh:
Mar sin tha e nas goireasaich a bheachdachadh oirre mar gum biodh i na suimeadh le àireamhan àicheil. Anns an dòigh seo:
Tha cur-ris a’ cumail ris na Laghan Co-thiomsach agus Co-iomlaideach co-dhiù a tha na h-àireamhan dearbh no àicheil. Iomadachadh (× no ·)’S e cur-ris a tha aig bun iomadachaidh cuideachd. Le bhith ag ràdh gu bheil 4 uiread 9 a’ dèanamh 36, tha sinn ag ràdh gu bheil:
Agus ’s e geàrr-sgrìobhadh a th’ ann:
Canar toradh ri buil iomadachaidh, agus ma tha 9 air a h-iomadachadh le 4, ’s e iomadair a th’ ann a 4. Chionns gu bheil iomadachadh a’ cumail ris an Lagh Co-iomlaideach agus tha:
chan eil e gu diofar co dhiubh a tha na h-iomadair. Uaireannan thathar ag ràdh factaran ris an dà àireimh a tha air an iomadachadh. Tha iomadachadh a’ cumail ris an Lagh Co-thiomsach cuideachd:
’S e ionnanachd an iomadachaidh a th’ anns a h-aon. ’S e sin ri ràdh gun dèante an aon àireamh nam biodh àireamh air a h-iomadachadh leis a h-aon. Agus ’s e co-thionndadh àireimh am bloigh far a bheil an àireamh fhèin na seòrsaiche agus a h-aon na h-àireamhaiche. Mar eisimpleir ’s e co-thionndadh 5 a tha ann an 1/5. Dhèante a h-aon nan iomadaichte àireamh leis a’ cho-thionndadh:
Tha feart cudromach eile aig iomadachadh. Far a bheil iomadair agus suim, faodaidh an t-iomadair a bhith air a sgaoileadh a-measg àireamhan na suime:
Canar Lagh an Sgaoilidh ri seo. Roinneadh (÷ no /)’S e roinneadh an t-obrachadh mùiteach ri iomadachadh. Canar an roinn-àireamh ri buil roinneadh duaise-roinne le roinniche.
... agus dhèante an duais-roinn nam biodh an roinn-àireamh air a h-iomadachadh leis an roinniche. Faodaidh àireamh sam bith a bhith na roinniche ach neoni a-mhàin. Tha roinneadh le neoni gun bhrìgh. Cha chum roinneadh ris na Laghan Co-thiomsach no Co-iomlaideach agus tha e nas goireasaich a bheachdachadh oirre mar iomadachadh le co-thionndaidhean. Mar eisimpleir:
Anns an riochd seo tha feartan iomadachaidh air an glèidheadh. CumhachdanMa tha àireamh air a h-iomadachadh leatha fhèin, faodar a geàrr-sgrìobhadh mar a leanas:
Tha am for-sgriobta a’ sealltainn na h-uiread de naoidhean a tha air an iomadachadh le chèile mar os cionn. Canar a’ chumhachd ris an fhor-sgriobta seo. Mas a h-aon a’ chumhachd, ’s e an àireamh fhèin a th’ innte:
Tha briathran sònraichte againn ma tha a’ chumhachd co-ionnan ris a dhà no a trì. Canaidh sinn gu bheil an àireamh ceàrnaichte no ciùbaichte fa leth. A-mach air seo canar gu bheil an àireamh (togte) chun na ceathramh/ còigeamh/ ... cumhachd. Canar bonn ris an àireimh a tha togte chun cumhachd. Tha riaghailt chudromach iomadachaidh a dh’àireamhan leis an aon bhonn:
’S e sin ri ràdh, ma tha dà àireimh ann leis an aon bhonn...
Tha e soilleir cuideachd: ’S e sin ri ràdh gu bheil am ÷ an = am – n. Bhon riaghailt os cionn am – n = am × a–n agus bhon tuigse gu bheil roinneadh an aon rud ri iomadachadh leis a’ cho-thionndadh: tha mìneachadh air a dhèanamh air cumhachd àicheil mar a leanas: Chionns gu bheil:
Cumhachdan chumhachdanTha 23 = 8, agus tha 82 = 8 × 8. Mar sin tha:
agus tha dara riaghailt aig àireamhan leis an aon bhonn. ’S e sin...
’S e sin:
FreumhanMa tha 22 = 4 canaidh sinn gu bheil 2 na freumh ceàrnagach de 4 agus tha seo air a sgrìobhadh 2 = √4. Anns an aon dòigh, ma tha:
’S e ...bho riaghailt iomadachadh nan cumhachdan, tha againne: Tha e soilleir cuideachd gu bheil: agus gum faod cumhachd a bhith na bloigh cuideachd. Log-àireamhan’S urrainnear àireamh dhearbh sam bith a’ sgrìobhadh anns an riochd an agus n na fìor-àireamh. Ma sgrìobh sinn x = an tha e soilleir nam biodh (agus a ≥ 1):
... agus gu bheil n ann do gach luach x > 0. Chan eil n ann far am bi an = 0, agus chan eil n ann do àireamhan àicheil. Canar log-àireamh le bonn a ri n, agus sgrìobhar...
Chan eil ann ach dà luach a tha cumanta mar bhonn log-àireamhan. Is iad seo 10 agus an àireamh sònraichte e. ’S e bonn nan log-àireamhan nàdarra a tha e, agus ’s e àireamh eucoimeasta a th’ innte
ach tha feartan àraidh aig log-àireimh nàdarra.
’S e feartan nan cumhachdan feartan nan log-àireamhan. Gus dà àireimh a dh’iomadachadh, tha na log-àireamhan aca air an cur-ris. Gus àireamh a thogail chun cumhachd, tha an log-àireamh aice air iomadachadh leis a’ chumhachd. Ann an coimpiutaireachd agus air àireamhairean, tha e cumanta a sgrìobhadh log an àite log10 agus ln an àite loge ach ann am matamataig agus ann am fiosaig, mar as cumanta ’s e brìgh loge a th’ ann far a bheil log air a sgrìobhadh gun fho-sgriobta. Far a bheil:
agus n na log-àireamh x, thathar ag ràdh gu bheil x na h-anti-log-àireamh n.
|
This article is from Wikipedia. All text is available under the terms of the GNU Free Documentation License.