An Eadailt

Article on other languages:

Repubblica Italiana

Bratach

Gearradh-arm
Laoidh Nàiseanta
Il Canto degli Italiani
(ainm eile: Inno di Mameli)
The Song of the Italians
Cànan(an) oifigeil Eadailtis
Mion-chànan(an) Gearmailtis ann an Sud Tyrol agus Fraingis ann an Valle d'Aosta
Prìomh-bhaile An Ròimh
Baile as motha An Ròimh
Riaghaltas Poblachd phàrlamaideach
Ceann-suidhe Giorgio Napolitano
Prìomh-mhinistear Silvio Berlusconi
Stèidheachadh
Steidheachadh 17mh, am Màrt 1861
Poblachd 2nd, an t-Og-mhios 1946
Farsaingeachd
Iomlan 301,318 km² (71mh)
Uisge 2.4 %
Àireamh-shluaigh (2007)
Iomlan 59,619,290 (23mh)
Dlùths 197.6/km² (54mh)
GDP/PPP (2007)
Iomlan $1.888 trillean (8mh)
gach pearsa $32,319 (20mh)
Roinn tìde CET (UTC+1)
as t-samhradh CEST (UTC+2)
Ruith-airgid Euro (€)
Eadar-lìon TLD .it
Còd Àireamh fòn 39

'S e duthaich mhòr a tha anns an Eadailt [1][2] [3][4][5][6] air taobh-a-deas na Roinn-Eòrpa. 'S e tairbeart neo rubha mòr a tha ann, suidhichte anns a’ Mhuir Meadhananch, le cuid de eileanan còmhla, m.e.:Sicily agus Sardinia. 'S e An Roimh am prìomh-bhaile aice agus 's e Eadailtis an cànan aca.

Tha crìochan aice sa tuath leis an Fhraing, an Eilbheis, an Ostair agus Sloibhìnia. Tha na dùthchannan San Marino agus Cathair na Bhatacain suidhichte anns an Eadailt.

Tha am Fàsach Accona suidhichte anns an Tuscany faisg air Asciano.

Tha Sgioba naiseanta rugbaidh na h-Eadailt fear den sgiobaichean mòra aig rugbaidh.

Foghlam

Is e Oilthigh Bhologna am fear as aosmhòr air feadh an t-Saoghal a tha a’ toirt ceum do na h-oileanaich.

Chaidh an t-Oilthigh Phadua a stèidheachadh anns a' bhliadhna 1222 (Università degli Studi di Padova anns an Eadailtis). Tha e suidhichte anns a’ bhaile Padua ann an earra-thuath na h-Eadailt.

Daoine ainmeil

  • Dario Fo, sgrìobhadair à Sangiano, a bhuannaich an Duais Nobel ann an Litreachas anns a' bhliadhna 1997.

Iomraidhean

  1. Faclair Akerbeltz
  2. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
  3. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  4. Brigh nam Facal, Faclair Ur don Bhun-sgoil (deas. Cox, Richard A.V.) - ISBN 0903204215
  5. Dùthchannan aig SMO
  6. Am Faclair Gàidhlig-Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

This article is from Wikipedia. All text is available under the terms of the GNU Free Documentation License.