|
Article on other languages:
|
'S e fear de na ceàrnaidhean as motha anns an Spàinn a tha ann an Andalusia (Spàinntis: Andalucía). Thàinig an t-ainm bhon fhacal Al-Andalus, b' e sin an t-ainm a bha air eadar 711 agus 1492. Tha e suidhichte ann an ceann an iar-dheas na dùthcha. Tha a' Phortagail agus an Cuan Siar san àird an iar dheth. Tha am Muir Meadhannach san àird an ear agus tha Giobraltair san àird a deas Andalusia. 'S e Andalusia an ceangal nàdarra eadar Afraga agus an Roinn-Eòrpa. 'S e Andalucia an dàrna cheàrn as motha a tha anns a' Spàinn. Tha e cho farsaing ri 87,268 cilemeatair ceàrnagach. Anns a' bhliadhna 2007 bha 8,059,431 duine de shluagh ann, le dluths aig àireamh 91.39 duine gach km². Tha trì puirt-adhair eadar-nàiseanta ann (Almería, Málaga is Seville). Cuideachd tha port-adhair nàiseanta ann an Granada agus Jerez. Tha Andalusia na Choimhearsneachd Fèin-Riaghailteach fo smachd an Junta de Andalucia. Tha pàrlamaid le ceann-suidhe agus Buidheann Righlaidh aige. Tha ochd sgìrean ann an Andalucia.
Tha cruth na tìre gu math eadar-dhealaichte an seo. Tha monaidhean àrda ann a tha còmhdaichte ann an sneachda fad na bliadhna. Ach tha oir-thìrean tropaigeach, coilltean tais agus fàsaichean ann cuideachd, m.e.: am Fàsach Thabernas, a tha suidhichte anns an sgìre Almería. Tha mòran togalaichean eachdraidheal ann an Andalusia, mar eisimpeir:
Ceangal a-muigh |
This article is from Wikipedia. All text is available under the terms of the GNU Free Documentation License.