|
'S e dùthaich eileanach anns a' Chairibìan a tha ann an Antigua agus Barbuda . Tha i na laighe anns na Lesser Antilles eadar an Cuan Siar agus a’ Mhuir Chairibianach. San taobh a deas tha Guadeloupe agus Doiminicia, san taobh an iar tha Naomh Crìstean agus Nibheis agus tha Saint Barthélemy agus Saint Martin san taobh an iar-thuath.
Tha dà eilean mòr anns an dùthaich seo: Antigua (IPA: ænˈtiːgə) (280 km²) agus Barbuda (IPA: bɑrˈbjuːdə/) (161 km²).
Tha Saint John's, am prìomh-bhaile aice, suidhichte ann an Antigua.
Àrd-eaglais St. John's, Antigua
|