Bangui

Article on other languages:

Bangui
Suidheachadh
Dùthaich Poblachd Meadhan Afraga
Ceàrn Ombella-M'Poko
Co-chomharran 4° 20" Tuath
18° 35" Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 67 km²
Àireamh-shluaigh 622,771 (2003)
Dlùths 9,295.09/km²

'S e prìomh-bhaile Poblachd Meadhan Afraga a tha ann am Bangui. Anns a’ bhliadhna 2003 bha 622,771 duine a’ fuireach an seo. ‘S e am baile as motha den dùthaich cuideachd. Tha e suidhichte faisg air an Abhainn Ubangi, a tha na chrìochan eadar Poblachd Dheamocrach na Congo agus Poblachd Meadhan Afraga.

Chaidh am baile a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1889 anns a’ cholonaidh fhrangach Haut-Oubangui. Dh’fhàs am baile nas motha timcheall air an àite shaighdearach. [1]

Tha port aige, tha bàtaichean-aiseig a’ dol gu Brazzaville agus Zongo. Tha Bangui ceangailte le rathaidean mòra gu Camarun, chun an t-Siad agus gu Sudàn. Tha port-adhair eadar-nàiseanta ann cuideachd: Bangui M'Poko International Airport.

Iomradh

  1. World66 - Fiosrachadh Bhangui
Abhainn Ubangi; Baile Bhangui air a culaibh
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Article keywords: flight to bangui, bangui vacation, bangui windmill, bangui ilocos norte,

This article is from Wikipedia. All text is available under the terms of the GNU Free Documentation License.