|
Article on other languages:
|
Is e prìomh-bhaile Poblachd na Gearmailt a tha ann am Berlin o chionn 1990 a-rithist. Tha stait-bhaile Bherlin aon de sia stàitean feadarail deug anns a' Ghearmailt. An-diugh tha 3.4 millean a' fuireach ann am Berlin. Is e am baile as motha anns a’ Ghearmailt agus am baile as motha ach aon anns an Roinn Eòrpa. Is dòcha gun robh am facal Slabhais berl a' ciallachadh mòinteach, agus thug sin ainm air Berlin.
SuidheachadhTha an stàit gearmailteach Bhrandenburg suidhichte timcheall air. EachdraidhTha a’ chiad fianais sgrìobhte againn mu Chölln mar phàirt den bhaile dhùbailte Bherlin-Chölln anns an Spreeinsel (Eilean Spree) anns a’ bhliadhna 1237. Tha a’ chiad fianais sgrìobhte againn mu Bherlin aig bruach an Abhainn Spree anns a’ bhliadhna 1244. Bha talla a’ bhaile cumanta air a thogail ann an 1307. Bhitheadh an cinneadh Hohenzollern a’ rioghladh Berlin gu 1918 mar diùc Bhrandenburg, Rìgh Phruisea agus Ceusar nan Gearmailteach Anns a’ choghadh eadar 1618 agus 1648 chaidh 30 % de na taighean ann am Berlin a sgrios agus chaidh an dàrna leth den t-sluagh a mharbhadh. Ann an 1640 ghabh Frederic Uilleam, an Kurfürst mòr, sealbh air an ìompaireachd. Thòisich e air poileitigeachd den fulangas cràmhach agus den imrich a chur a-steach. Mu 1700 bha 20% de mhuinntir Bherlin nam Frangaich às an Fhraing oir thoir Frederic Uilleam na Pròstanaich Frangeach do Bherlin. Thàinig mòran daoine gu Berlin. Dh’ imrich iad às a' Phòlainn, à Bohàimia agus à Salzburg. Chaidh Frederic I. air a chrùnadh anns a’ bhaile seo ann an 1701 agus dh' fhàs Berlin na phrìomh-bhaile ann am Pruisea. Ann an 1807 thàinig Napoleon Bonaparte do Bherlin agus ghoid e an Quadriga bhon Geata Bhrandenburger Tor. Ann an 1814 chaidh an Quadriga a thoirt air ais. Chaidh dàrna Ìompaireachd na Gearmailt a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1871 agus bha Berlin na phrìomh-bhaile a-rithist. Às deidh a' chiad chogadh ann an 1918 chaidh Poblachd a stèidheachadh anns a' Ghearmailt ann am Berlin. Anns an 1933 chaidh na Nàsaich agus Adolf Hitler a thaghadh agus stèidhich iad treasa Ìompaireachd na Gearmailt. Ann an 1945 bha an Dàrna Cogadh seachad agus chaidh Berlin a roinn ann an ceithir roinnean. Bha Berlin an Ear aig na Rùisich agus bha Berlin an Iar aig na Stàitean Aonaichte, aig an Fhraing agus aig Breatainn. Bha na trioblaidean polaiteageach air stiùireadh am Blockade den Bherlin. Chuidich am feachd eadar-nàiseanta às na Stàitean Aonaichte agus eile gus am baile a chùmail beò le chuir iad drochaid adhair Bherlin air chois. Ann an 1949 chaidh an GDR, Gearmailt an Ear, a stèidheacheadh. B' e prìomh-bhaile a bha ann am Berlin an Ear agus dh' fhàs trioblaidean polaiteageachd cho dona gu Cogadh Fuar. Bha cuir cudthrom air na trioblaidean eadar nan Ear agus nan Iar ann an 1961. Chaidh Balla Bherlin a thogail. Chaidh an t-sluagh mì-thoilichte agus diombach. Às t-samhradh 1989 thòisich na ùrnaighean sìthe anns an Eaglais Nicolai ann an Leipzig agus às deidh bha na caismeachdan-Di-Luain ann gach seachdain. Anns an Dàmhair thuit GDR am broinn a chèile. Thuit am Balla Bherlin aig 9mh den t-Samhain 1989. Chaidh a’ Ghearmailt ath-aonadh anns a’ bhliadhna 1990 agus b’ e prìomh-bhaile na Gearmailt a bha ann am Berlin a-rithist. O chionn 1999 tha a' phàrlamaid agus cuid de na ministearan ann am Berlin cuideachd ach tha seachd ministearean fhathast ag obair anns an t-seann phrìomh-bhaile, Bonn. CànanTha Gearmailtis air a bhruidhinn ann am Berlin ach tha barrachd chànanan rim cluinntinn air sgàth’ s gu bheil am baile glè ioma-chùltarach. Tha mòran chòigreach a’ fuireach anns a' bhaile seo agus bidh mòran luchd-turais a' tadhal air Berlin. EaconomaidhTha 36% de na h-obraichean ceangailte ris an roinn-seirbhis.
Tha torr stèisean telebhisein is rèidio ann mar RB, MTV, Nick, VIVA, Sat 1, N24 agus gu nàdarra tha studio aig ARD, ZDF no RTL ann am Berlin cuideachd. Tha 80% de na gnìomhachasan a’ buntainn ris an treas roinn. Tha an treas roinn glè chudthromach airson Berlin agus mar sin tha turasachd a’ fàs nas cudthromaiche ri taobh bhancaichean agus sheirbhisean eile. Is e DaimlerChrysler, Sony, Springer-Verlag, Walter de Gruyter na companaidhean as cliùitiche a tha ann. Chan eil tòrr àiteachas ann agus chan eil ach beagan gnìomhachas ann am Berlin. Is e obair mheatailt, chèimigeachd agus Bhidh am meur gnìomhachais as motha ann am Berlin. CultarGus am meadhan-aois tràthFarsainngeachd ‘S e sluagh na Semnonaich a bha anns an t-sgìre Bherlin. Ach ‘s e Sueben an t-ainm a bha air an treubh. Cha robh sluagh Gearmanach coitcheann ann. Bliadhnaichean às deidh bha cùmhachd polaitigeach a dh’ fhàs an t-aonadh sluaigh na Gearmanaich. ‘S e treubh na Sueben a bha a’ dol a-steach an t-Sluagh Mòr na h-Alamannaich. Bha iad a' fuireach ann an clachain agus bha taighean aca, a bha air a thogail bho choille is bhon chailc. Bha cumadh-cruidh is àiteachas ann. Creideamh Bha pàganach ann gu tric leis na h-ìobart nan daoine . Bha a' Chrìosdachd a’ toirt air na Gearmanaich anns an 5mh linn. Ealain Tha a’ chiad fianais sgrìobhte mu gu bhith 200 às deidh Dia. ‘S e Futhark a bh’ ann na chiad litrichean Ghearmanaich. Bha cuid na bu lugha sgrìobhaidhean den an àm seo. Cha mhòr dh' aithnich na daoine dealbhan. O chionn na 5mh linn bha àilleagan òir ann. Bha dealbhan na tuirc is nam fèidh àibhaisteach mar na eisimpleiran Ròmanach. Gus an latha an-diughCreideamh Às deidh an Ath-leasachadh anns an 15mh linn 's e an cuid a bu mhotha nan daoine Pròstanaich a bh' annta. Anns an 18mh linn thoir Frederic Mòr an ceadachas-cràbhach. An-diugh 's e baile mòr glè ioma-chùltarach a th' ann am Berlin agus tha torr chreideimh ann. Saidheans/ Eòlas Tha ceithir oilthighean ann. ( 'S e am Medizinische Fakultät coitcheann as motha ann an Roinn Eòrpa.) Tha trì colaisdean-ealain is seachd colaisdean le cuspairean sònraichte is deich colaisdean phrìobhaideach ann. Tha gu bhith 140.000 oilleanaich aig Berlin. EalainTogalachan ainmeil is cudthromach
Eaglaisean cliùiteach
Taighean-tasgaidhean
Fèisteas
Daoine ainmeil, a tha/ bha ceangailte ris Berlin
Aistean co-cheangailteCeanglaichean a-muigh
|
|||||||||||||||||||||||||||||
This article is from Wikipedia. All text is available under the terms of the GNU Free Documentation License.