Bonn (a' Ghearmailt)

Article on other languages:

Bonn
Bratach a' bhaile gun lùireach
Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn North Rhine-Westphalia
Sgìre Rheinland
Co-chomharran 50° 44’ Tuath
7° 6’ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 141.22 km²
Àireamh-shluaigh 314,299 (2006)
Dlùths 2,225.6/km²
Àireamh fòn +49 228
Duilleag oifigeal www.bonn.de

Tha Bonn na laighe mu 20 cilemeatair deas air Cologne ann an North Rhine-Westphalia air bruach an Abhainn Rhine. Eadar 1949 agus 1990 bha Bonn na phrìomh-bhaile Ghearmailt an Iar. B’ e cathair oifigeil riaghaltas na Gearmailt a bha ann gu 1998, gus an do dh’ imrich an riaghaltas a Bherlin ann an 1999. An uair sin thàinig mòran chompanaidhean agus ionadhan eadar-nàiseanta dhan bhaile, m.e.: IUCN Environmental Law Center agus 12 ionadh eile de na Dùthchannan Aonaichte.

Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 11 RC, nuair a bha saighearan Romanach a’ campadh air bruach na h-aibhne. Thàinig an t-ainm Bonn bho Bonna[1], facal Ceilteach a tha a' ciallachadh "grunnd tioram" (Dry grounds).

S’ e àite-breith Ludwig van Beethoven, neach ciùil anmeil, a tha ann am Bonn. An diugh tha taigh tasgaidh ann, far an do rughadh e.

Talla a' bhaile

Iomraidhean

  1. Stefan Zimmer: Die Kelten, Mythos und Wirklichkeit, duilleag 205, Theiss Verlag ISBN 3-8062-1908-7

This article is from Wikipedia. All text is available under the terms of the GNU Free Documentation License.