|
'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann Botsuana,[1][2][3] ainm oifigeil: Poblachd Bhotsuana. Tha crìochan aice sa tuath le Saimbia, san earra-thuath le Siombabue, san iar le Naimibia agus sa deas le Afraga a Deas.
'S e fàsach a tha ann an 70% den dùthaich. Tha am Fàsach Kalahari suidhichte ann an iar-dheas Botsuana. 'S e an Okavango Delta an t-inbhir as motha air feadh an t-Saoghail. Tha e anns an earra-thuath na dùthcha.
Fhuair an dùthaich neo-eisimeileachd bhon Rìoghadh Aonaichte anns a’ bhliadhna 1966, ach tha i fhathast nam ball den Cho-fhlaitheas.
B' e Botsuana aon de na dùthchannan as bochda a bha ann air feadh an t-Saoghail. Ach bhon àm, nuair a fhuair iad neo-eisimeileachd, dh’fhàs i nas beartaiche. Eadar 1966 agus 1999 chaidh an Làn-thoradh dùthchail suas mu 9% gach bliadhna.[4] Anns a' bhliadhna 2007 bha an GDP aig gach pearsa suas gu $14,700[5].
Iomraidhean
- ↑ Faclair Akerbeltz
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
- ↑ www.state.gov
- ↑ CIA World Fact Book
Ceanglaichean a-muigh
Sprèidh aig toll-uisge faisg air Serowe.
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
Article keywords: botswana safari, ministry of education botswana, botswana newspaper, botswana daily news, botswana map, botswana guide lonely lonely namibia planet planet travel, botswana news, university of botswana, botswana guardian,
|