'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann am Burundaidh[1]; ainm eile: Buruindi[2] neo Burundi[3], ainm oifigeil: "Poblachd Bhurundaidh". Tha crìochan aice le Ruanda san taobh tuath, le Tansainìa san earra-dheas agus le Poblachd Dheamocrach na Congo san iar. Tha an Loch Tanganyika anns an iar na dùthcha.
Thàinig an t-ainm Burundaidh bhon chànan Bantu: Kirundi.
Tha an dùthaich gu math iomallach agus chan eil moran stòrais nàdarra aice. Mar sin dheth ‘s e aon de na dùthchannan as bochda air feadh an t-Saoghail a-rèir Làn-thoradh dùthchail (GDP) gach pearsa.