Canada

Article on other languages:

Canada

Bratach

Gearradh-arm
Laoidh Nàiseanta
"Ò Canada"
"God Save the Queen" (rìoghail)
Sluagh-ghairm nàiseanta
A Mari Usque Ad Mare  (Laideann)
" Bho mhuir gu muir"
Cànan(an) oifigeil Beurla, Fraingis
Mion-chànan(an) Inuktitut, Inuinnaqtun, Cree, Dëne Sųłiné, Gwich’in, Inuvialuktun, Slavey, Tłįchǫ Yatiì
Prìomh-bhaile Ottawa
Baile as motha Toronto
Riaghaltas Monarcachd bhun-reachdail (Deomocrasaidh pàrlamaideach)
Ban-rìgh Ealasaid II
Riaghladair Michaëlle Jean
Prìomh-mhinistear Stephen Harper
Stèidheachadh
Cunnradh BNA 1ad, an t-Iuchar 1867
Statute of Westminster 11ad, an Dùbhlachd 1931
Canada Act 17mh, an Giblean 1982
Farsaingeachd
Iomlan 9,984,670 km² (2na)
Uisge 8.92 %
Àireamh-shluaigh (2007)
Iomlan 32.976.026 (36mh)
Dlùths 3.2/km² (219mh)
GDP/PPP (2007)
Iomlan $1.274 trillean (13mh)
gach pearsa $38,200 (12mh)
Roinn tìde - (UTC−3.5 to −8)
as t-samhradh - (UTC−2.5 to −7)
Ruith-airgid Dollar Canadach ($)
Eadar-lìon TLD .ca
Còd Àireamh fòn 1

S' e dùthaich ann an Ameireaga-a-Tuath a tha ann an Canada. Tha i suidhichte san àirde a tuath na Stàitean Aonaichte.

Clàr-innse

Eachdraidh

Tha mòran ag aideachadh gu bheil dualchas na Gàidhlig ann an Canada ann an Albainn Nuaidh ann an suidheachadh cunnartach. Cho fad air ais ri 1987, chaidh a dhearbhadh gun robh fìor fheum anns a’ mhòr-roinn air leasachadh a thaobh na Gàidhlig.

Ann an 1890, chaidh bile thoirt a-steach le Seanadhair Tomas Raibeart MacAonghais, a rugadh an Ceap Breatainn ach a bha ’na riochdaire airson Cholumbia Bhreatnach; ged nach do shoirbhich leis, bha e ’na bheachd Gàidhlig ainmeachadh mar an treas cànan oifigeil ann an Canada. Dh’ainmich e àireamhan a Cunntas 1881 a bha sealltainn gum b’e 1,657,266 uil-àireamh an t-sluaigh Albannaich agus Èireannaich, an coimeas ri 1,289,929 de Fhrangaich agus gun ach 881,301 de Shasunnaich. Ged nach robh e cumail a-mach gun robh Gàidhlig aig gach Albannach is Èireannach, na eadhoin aig a’ mhòr chuid dhiubh, thagair e gun robh an àireamh a bha bruidhinn cànan an sìnnsir anns an dà bhuidhinn nàiseanta mòr gu leòr chum inbhe thearainte a chosnadh."

Cruinn-eòlas

Mount Robson, na Beanntainn Creagach ann an Columbia Bhreatannach.

'S e an darna dùthaich as motha anns an t-Saoghal às dèidh na Ruise a th' ann an Canada, agus tha an t-iomall-fairge na Canada nas fhaide na fear aig dùthaich sam bith eile anns an t-saoghal.

Ged as e dùthaich mhòr agus farsaing a th' ann an Canada, chan eil mòran de dhaoine a tha a' fuireach innte an coimeas ri dùthchanan eile. Thar farsaingeachd de 9,984,670 km², chan eil ach 32.976.026 (2007) a tha a' fuireach innte, neo 3.2 daoine airson gach km². Tha an cuid as motha de muinntir na Canada a' fuireach eadar Windsor, Ontario agus Baile Quebec, Quebec.

Tha na Beanntainn Creagach san àirde an iar na dùthcha. Tha an Fhàsach Nk'mip suidhichte ann an Columbia Bhreatannach.

Mòr-roinnean Chanada

Tha na deich mòr-roinnean aig Canada air an ainmeachadh mar a leanas còmhla ri na prìomh-bhailtean agus a' bhliadhna anns a dh'aonaich iad leis an dùthaich. Tha trì territories ann an Canada cuideachd, 's e sin Roinnean an Iar Thuath, Nunavut is Roinn an Iukon.



Roinn Giorrachadh Prìomh-bhaile Ghabh ballrachd an co-chaidreachas
Ontairio ON Torònto 1 an t-Iuchar, 1867
Caebeag QC Baile Caebeag 1 an t-Iuchar, 1867
Alba Nuadh NS Halafacs 1 an t-Iuchar, 1867
Brunswick Nuadh NB Fredericton 1 an t-Iuchar, 1867
Manitoba MB Winnipeg 15 an t-Iuchar, 1870
Columbia Breatannach BC Victoria, Columbia Bhreatannach 20 an t-Iuchar, 1871
Eilean Eòghainn PE Charlottetown 1ad, an t-Iuchar, 1873
Saskatchewan SK Reginea 1 an t-Sultain, 1905
Alberta AB Edmonton 1 an t-Sultain, 1905
Talamh an Eisg is Labradòr NL St. John's 31 am Màrt, 1949

Daoine ainmeil

Spòrs

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:


Article keywords: canada post, yahoo canada, jobs canada, canada 411, revenue canada, environment canada, td canada trust, government of canada, ebay canada,

This article is from Wikipedia. All text is available under the terms of the GNU Free Documentation License.