'S e dùthaich eileanach a tha ann an Cape Verde, [1]Portagailis: Cabo Verde, IPA: 'kabu 'veɾdɨ). Tha i suidhichte anns a' Chuan Siar 'san taobh an iar Afraga.
Thàinig an t-àinm Cape Verde bho Cap Vert ann an Seanagal, an t-àite as fhaide iar den tìr-mhòir Afraga.
Ràinig seòladairean às a' Phortagail air an eilean ann an 1460. Bhon uair sin bha Cape Verde pàirt den Impireachd na Portagail. Anns a’ bhliadhna 1975 fhuair iad neo-eisimeileachd.
Sgrìobh Charles Darwin anns an leabhar aige The Voyage of the Beagle tuairisgeul math mun chruinn-eòlais Cape Verde agus na beathaichean agus na flùraichean a bha rim faicainn air an eilean.
Tha Cape Verde a’ gabhail a-steach deich eileanan mòra agus ochd eileanan beaga. Seo an fheadhain as cudthromaiche:
Barlavento (buidheann 'san taobh tuath)
Santo Antão
São Vicente
Santa Luzia
São Nicolau
Sal
Boa Vista
Sotavento, (buidheann 'san taobh a deas)
Maio
Santiago
Fogo
Brava
Iomradh
↑ Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
Cairt: Cape Verde
Porto Grande, port-mara ann am Mindelo, São Vicente