|
Article on other languages:
|
’S ann co-iomlaideach a tha obrachadh càraideach (me. leis a’ chomharra ♦ ) eadar buill de dh’ àlach A aig a bheil am feart:
agus tha seo fìor airson gach x agus y anns an àlach. Mar eisimpleirean, ’s ann co-iomlaideach a tha cur-ris agus iomadachadh nam fìor-àireamhan chionns gu bheil:
me.
agus:
me.
agus a-measg iomadh eisimpleirean eile tha cur-ris agus iomadachadh nan àireamhan co-fhillte, cur-ris nam bheactaran, agus cur-ris nam fuincseannan. A-rèir chleachdaidh, far a bheil obrachadh air a sgrìobhadh leis a’ chomharra +, thathar a’ gabhail ris gu bheil e co-iomlaideach. Obrachaidhean nach eil co-iomlaideachTha obrachaidhean ann nach eil co-iomlaideach. 'S e na h-eisimpleirean as cumanta:
easpònachadh (togail gu cumhachd):
agus iomadachadh nam machlag:
Co-iomlaideachd agus structairean ailseabrachMa tha obrachadh grùpa co-iomlaideach, ’s e grùpa aibèalach a tha ann. Ma tha iomadachadh co-iomlaideach ann am fàinne (tha cur-ris daonnan co-iomlaideach ann am fàinne), thathar ag ràdh gur e fàinne cho-iomlaideach a tha innte. Tha an dà obrachadh, cur-ris agus iomadachadh, co-iomlaideach ann an raon ailseabrach. |
This article is from Wikipedia. All text is available under the terms of the GNU Free Documentation License.