'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann an Dùthaich nan Suasaidh, [1] ainm eile: Suasalainn[2] neo Swaziland[3] ainm oifigeil: Rioghachd nan Suasaidh. Tha Mòsaimbic san ear dhith agus tha Afraga a Deas timcheall oirre san iar, sa tuath ‘s sa deas. Tha i aon de na dùthchannan as lugha a tha ann an Afraga.
Tha ceitheir ceàrnan ann:
Hhohho
Manzini
Lubombo
Shiselweni
'S e prìomh-bhaile riochdail ‘s reachdail Dùthaich nan Suasaidh a tha ann an Lobamba. 'S e Mbabane na prìomh-bhaile clèireachail. Agus 's e Manzini am baile as motha den dùthaich seo.